Ceuman agus Co-cheuman

Faodaidh tu Gàidhlig a sgrùdadh mar phàirt dhen fho-cheum agad ann an Ceiltis no Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig. Faodaidh oileanaich air cùrsaichean eile Gàidhlig ionnsachadh mar chùrsa creideis, a rèir faotainneachd.

Ceiltis 

Tha Ceiltis a’ toirt dhut cothrom air leth a bhith ag ionnsachadh mu chultaran, cànanan agus litreachasan dhen dùthchannan Ceilteach bho na Meadhan Aoisean chun an latha an-diugh. 

Mar phàirt dhen phrògram seo, bidh cothrom agad Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh agus comas adhartach a thogail sa chànan. 

Ceiltis MA (le Urram)

Faodaidh tu Ceiltis a sgrùdadh mar phàirt dhen cho-cheum agad còmhla ri cuspairean eile, leithid arc-eòlas, Fraingis agus Cànanachas. 

Co-cheuman le Ceiltis 

Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig 

Tha ar prògram MA againn ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig gad ullachadh gus an curraicealam ro-sgoile agus bun-sgoile air fad a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig, a bharrachd air Beurla.

Ro dheireadh a’ phrògraim, chan e a-mhàin gun cuir thu ri solar tidsearan Gàidhlig ann an Alba, a’ dèanamh cinnteach gum bi do dhreuchd seasmhach, ach cuidichidh tu cuideachd gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig fhèin seasmhach san àm ri teachd. 

Children making crafts at a table.

Tha dà shlighean air a’ phrògram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig, do luchd-ionnsachaidh agus do fhileantaich.

Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileantaich) 

Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) 

Gàidhlig mar chùrsa creideis 

Faodar oileanaich air ceuman eile Gàidhlig a thaghadh mar cùrsa a bharrachd ann am bliadhna a h-aon no a dhà. Tha seo a' ciallachadh gum b' urrainn dhaibh Gàidhlig a sgrùdadh airson creideis - mar cùrsa roghainneil - ro na bliadhnaichean urraim dhen fho-cheum aca, a rèir a' chlàr-ama aca. 

Mar as trice, tha cùrsaichean ann airson luchd-tòiseachaidh cho math ri oileanaich le beagan eòlais air a' chànan (airson 40 creideas). A bharrachd air sin, tha cùrsa-inntrigidh (20 creideas) ann air Cànan is Cultar na Gàidhlig. 

Cùrsaichean a bharrachd ann an litreachas, cànanan agus cultaran